10/06/2026
Tha pacaidean den chofaidh ‘Steòrnabhagh’ againn air an sgeilf. Tha 'Steòrnabhagh' a còmharrachadh Iain MacSuain ( Iain Iain 'An Duinn) a bha na mhàighstear sgoile ann an Sgoil na h-Airde, san Rubha aig aon àm.
Chur e air chois leasannan mararachd agus sgrìobh e sià leabhraichean, a bha feumail do d’ iomadh balach. Lean e air gu bhith gu mòr a lùib a bhith a stèidheachadh An Sgoil Mara-School of Navigation, nuair a chaidh a’ cholaiste a stèideachadh ann an Caisteal Leòdhais ann an 1953.
Seo a’ mhac Tarmod MacSuain aois 100.5 a tha fuireach an Ontario. Tha e fhèin agus an teaghlach taingeil, toilichte gun tug Heather Isle Coffee urram ga athar, iain MacSuain Sgoile na h-Airde. Chur e fhein s a nighean a d’ iarraidh ultach mòr de phacaidean Heather Isle Coffee airson an teaghlach a tha sgaipt air feadh Canada. Tha e a' cur na beannachdan gu daoine sam bith a tha eòlach air.